podcast
details
.com
Print
Share
Look for any podcast host, guest or anyone
Search
Showing episodes and shows of
Gwen MacQuarrie
Shows
Oideas
Oideas 3.6 Wilma NicUalraig
An aon tidsear a bhith agad fad seachd bliadhna sgoile. Ciamar a tha sin dha na sgoilearan, agus ciamar a tha e dhan tidsear? Sin an dearbh shuidheachadh a tha aig Wilma NicUalraig is i leatha fhèin a' teagasg Gàidhlig ann am bun-sgoil ann am Farfar. Tha i a’ còmhradh le Gwen mu dheidhinn sin, a slighe fhèin gu teagasg, mu bhith cleachdadh seann òrain sa chlas, mu bhith cruthachadh stòras de ghoireasan, agus mu phròis ‘sa Ghàidhlig. Tha an leabhar air Frances Tolmie a tha Wilma agus Gwen a’ bruidhinn mu dheidhinn ri fhaotainn a...
2024-06-05
45 min
Oideas
Oideas 3.5 Lesley Hayes
Thòisich Lesley Hayes a slighe le Gàidhlig nuair a bha i fhèin na pàrant. Ghluais i an teaghlach air fad dhan Eilean Sgitheanach gus fileantas a’ righinn aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha i niste na Prìomh Thidsear ann an sgoil ann am Baile Dhubhtaich a’ teagasg sa chànan. Tha i fhèin is Gwen a bruidhinn mun slighe sin. Mu mar a chaidh Lesley an aghaidh moladh na Comhairle ‘son a’ bhliadhna probhaidh aice, agus na dòighean iogantach a dh’ionnsaich i airson sgoilearan a’ chuideachadh le matamataig. Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh...
2024-05-22
32 min
Oideas
Oideas 3.4 Lisa NicDhòmhnaill
Bho bhith teagasg sa bhun-sgoil ann an Ulapul, gu bhith sgrìobhadh bàrdachd, gu bhith dèanamh PhD air luchd-obrach nan tràth ìrean - tha an t-uamhas aig Lisa NicDhòmhnaill ri bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram sa. Tha i fhèin is Gwen NicGuaire cuideachd a còmhradh mu a slighe ann an teagasg, an obair a tha i dèanamh stiùireadh chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, agus an dleastanas a tha air tidsear a bhith nan tosgairean fad an t-siubhail. Abair prògram! Tha an leabhar bàrdachd aig Lisa ri fhaighinn an seo: https...
2024-05-08
35 min
Oideas
Oideas 3.3 Lauren Mhoireasdan
A bheil cothroman gu leòr ann do shlighe a dhèanamh gu bhith nad cheannard san àrd-sgoil, agus a bheil e nas duilghe nuair a tha thu ag obair ann Gàidhlig ann an sgìrean dùthchail? Tha sin am measg na tha Lauren Mhoireasdan, ceannard ùr Àrd-sgoil Cheann Loch Lìobhann, a' bruidhinn ri Gwen mu dheidhinn. Tha iad cuideachd a' cabadaich mu mar a dh' ionnsaich Lauren a' Ghàidhlig, agus mu cho sònraichte is sgapte sa tha sgìre sgoile an Òbain. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig https://www.smo.uhi.a...
2024-04-24
45 min
Oideas
Oideas 3.2 Anne Mhàrtainn
Chuir Anne Mhàrtainn seachad iomadh bliadhna cuideachadh clann le feumalachdan a bharrachd, agus tha an còmhradh seo leatha làn eòlais, gliocas agus lèirsinn. Dè an diofar a th' ann eadar foghlam Gàidhlig is Beurla? Ciamar a nì thu deuchainn dyslexia nuair a tha pàiste fhathast a togail bunaitean na Gàidhlig? Tha i stiùireadh Gwen tron phròiseas, a thuilleadh air a bhith còmhradh mun obair aice a niste a' teagasg an fheadhainn as òige sa sgoil. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghl...
2024-04-09
33 min
Oideas
Oideas 3.1 – Luchd-teagaisg Foghlam Thidsearan
Fàilte air ais gu Oideas airson sreath 3. Sa phrògram seo, tha mi fhèin, Gwen NicGuaire timcheall bùird le mo cho-obraichean ann am Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh mise agus Shona NicCarmaig, Katie Wight agus Lynsey NicFhionnlaigh a’ freagairt na ceistean agaibhse - dè an t-amas a tha aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig? Carson a tha sinn teagasg nan tidsearan? No, dè thug tlachd dhuinn sa chlas? Tha an eapasòd seo cuideachd ri fhaotainn air bhideo air Spotify agus aig YouTube. https://youtube.com/@OideasPod?feature=shared Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn c...
2024-03-28
40 min
Oideas
Oideas – Sreath 3, Blasad!
Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse. Sin Oideas Sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod. Nota - tha sinn trang ag obair air prògram bhideo son Diardaoin an 28mh Mhàirt 2024, ach, chan eil bhideo air nochdadh air Spotify neo Google gu ruige seo. Seo fear fuaim a-mhàin mar dheuchainn is sinn a' strì an toirt thugaibh air gach...
2024-03-26
01 min
Oideas
Oideas, Sreath 3 – Blasad!
Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse. Sin Oideas sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod.
2024-03-25
01 min
Oideas
Prògram 10: Yvonne Girvan
Ciamar a tha e a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig gu sònraichte son dreuchd teagaisg sa chànan? Sin a rinn Yvonne Girvan. Sa phrògram seo, tha i fhèin is Gwen a' bruidhinn mun leasachadh proifeiseanta a tha i air a dhèanamh gus, am measg eile, fileantas a ruighinn. Tha iad cuideachd a' bruidhinn mu na h-iomairtean a rinn i gus cothroman cànain a' tabhainn dha na sgoilearan tron ghlasadh, mar a tha i a' neartachadh sgiobachd le a co-obraichean, agus na h-innleachdan a bhios i a' cleachdadh gus sgilean sgrìobhaidh a leasachadh sa chlas. ...
2022-10-27
40 min
Oideas
Prògram 9: Eòghan Stiùbhairt
Ciamar a tha thu ath-bheothachadh coimhearsnachd a tha air misneachd a chall? Ciamar a tha iomairtean anns agus às a chlas a chur ri àrainneachd agus cliù a Ghàidhlig san sgoil? Cluinnidh sibh mu dheidhinn seo agus tòrr a bharrachd sa phrògram seo sa chòmhradh eadar Gwen agus Eòghan Stiùbhairt. How do you reinvigorate communities of Gaelic speakers who have lost confidence? How do enterprises in and out of the class add to the Gaelic ethos in the school? You’ll hear about this and lots more in the programme, Gwen talks with Eoghan Stewart. Fo...
2022-10-13
43 min
Oideas
Prògram 8: Marina NicLeòid
Ciamar a tha thu a ruith bun-sgoil shoirbheachail ann sgìre far nach eil mòran Gàidhlig? Dè na dùbhlain a th'ann? A bheil dòighean an cànan a neartachadh is na sgoilearan a bhrosnachadh? Sin am measg na cuspairean a tha sa phrògram seo is Gwen a' còmhradh le Marina NicLeòid, iar-cheannard Bhun-sgoil Chon-Dobharait ann Siorrachd Lannraig a Tuath. How can you ensure success in a Gaelic unit in an English primary school in an urban setting? What are the challenges? Are there ways in which you can strengthen Gaelic and encourage students? Gwen discu...
2022-09-29
33 min
Oideas
Prògram 7: Aonghas MacIllinnein
Ciamar as urrainn dhuinn foghlam Gàidhlig a leudachadh le gainnead thidsearan na chnap-starra? Tha e-Sgoil air tòrr a dhèanamh gus am beàrn sin a lìonadh, ach an gabh cuspairean leithid saidheans is ealain a theagasg thar an eadar-lìon? Gabhaidh, a rèir ceannard na sgoile, Aonghas MacIllinnein. Ann an còmhradh farsaing mu fheallsanachd fhoghlaim agus Gàidhlig, tha Aonghas togail air na bunaitean a tha air cùl e-Sgoil – nam measg, neartachadh coimhearsnachdan na Gàidhlig, cruthachadh luchd-labhairt ùr, agus cumail chosnaidhean ri daoine ann an sgìrean dùthchail. How can we extend Gaelic ed...
2022-09-15
38 min
Oideas
Prògram 6: Lynsey NicFhionnlaigh
Anns a chiad prògram de Sreath 2 tha Gwen a' bruidhinn le Lynsey NicFhionnlaigh, a tha na neach-teagaisg ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach. Nochdaidh tòrr chuspairean sa chòmhradh aca, nam measg a’ fàs ann am misneachd, dùbhlain obrach agus na cothroman ionnsachaidh a tha nochdadh bhuapa. In the first programme of Series 2, Gwen MacQuarrie speaks with Lynsey Finlayson who teaches in Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh on the Isle of Skye. Lots of interesting and challenging topics are discussed including acknowledging success and the professional learning opportunities that can come from c...
2022-09-01
30 min
Oideas
Oideas – Sreath 2
Seo agaibh blasad de Sreath 2 de dh’ Oideas, agallamhan mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Anns gach pod-chraoladh, bidh Gwen NicGuaire a’ bruidhinn ri sàr-eòlaichean mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.
2022-08-25
02 min
Oideas
Prògram 5: Flòraidh Guidi
Bho a bhith a' cur Gàidhlig air leabhraichean sgoile an oidhche ro làimh sna h-ochdadan, gu bhith na ciad cheannard aig sgoil Ghàidhlig ùr fa leth sna h-Eileanan, tha an t-uamhas eòlas aig Flòraidh Guidi. An t-seachdain seo, tha i an cuideachd Gwen, 'son am prògram mu dheireadh san t-sreath. Tha iad a’ bruidhinn air mar a bha e coltach sna ciad làithean sin - gun ghoireasan no eòlas air an dòigh as fheàrr foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh. Chuir Flòraidh feum air taic na coimhearsnachd is tidsearan eile. Leis gun r...
2021-11-25
40 min
Oideas
Prògram 4: Dougie Beck
Teicneòlas agus teagasg: ciamar as urrainn dhuinn a' chur gu feum son maith sgoilearan, pàrantan agus tidsearan? Dè na goireasan a ghabhas a chleachdadh son sgoilearan oideachadh ann dòigh nas fheàrr, an ullachadh son linn ùr didseatach, agus son ùine a' shàbhaladh sa chlas? An t-seachdain seo tha Gwen a’ bruidhinn ri Dougie Beck, Prìomh Thidsear le uallach son stuthan didseatach ann am Bun-sgoil Mhalaig. Tha Dougie mion-eòlach air a' chuspair. Am measg na molaidhean aige tha: Google Classroom https://classroom.google.com/u/0/h Screencastify https://www.screencastify.com/ Classdojo https://www.classdojo.co...
2021-11-11
00 min
Oideas
Prògram 3: Dòmhnall Iain Mac a’ Ghobhainn
Bheil còir aig tidsearan a bhith a’ ruith chlubaichean san sgoil san ùine aca fhèin? Bheil iad feumail dha na sgoilearan? Agus ann am foghlam Gàidhlig, a bheil iad deatamach ann a bhith a’ cruthachadh cothroman còmhraidh? Sin am measg nan cuspairean a tha aig Gwen agus Dòmhnall Iain Mac a’ Ghobhainn sa phrògram seo. 'S e tidsear matamataig a th' ann an Dòmhnall Iain is e na cheannard-roinne ann Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha e air a bhith ann bho thòisich an àrd-sgoil, is tha e ag innse do Ghwen mar a bha cùisean an...
2021-10-28
00 min
Oideas
Prògram 2: Seonaidh Charity
Ciamar as urrainn cànan sòisealta a bhrosnachadh am measg sgoilearan? Carson a tha e cudromach? As aonais, a bheil clann a' tionndadh chun a' Bheurla? Tha Seonaidh Charity air tòrr rannsachadh, leughadh agus beachdachadh a dhèanamh air a’ cheist, agus sa phrògram seo tha e ag innse do Gwen dè dh'obraich dha san teagasg aige fhèin. Tha e cuideachd a' toirt iomradh air a bhith a' dèanamh maighstireachd ann an teagasg, a bhith a' gluasad gu dreuchd air falbh bhon chlas, agus tha sinn a' faighinn a-mach carson a tha e a' smaoineachadh gu bheil a...
2021-10-14
30 min
Oideas
Prògram 1: Katie Wight
Dè tha tachairt nuair a tha àireamh sgoilearan dol am meud tòrr na bu luaithe na bha dùil? Ciamar as urrainn dhuinn dèiligeadh ri fàs mar sin? Dè bhuaidh a tha seo a toirt air sgoilearan, pàrantan agus luchd-obrach? Anns a chiad phrògram, tha Katie Wight a bruidhinn ri Gwen mu na dùbhlain a nochd stèidheachadh sgoil ùr aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann. Tha Katie cuideachd a’ bruidhinn mu bhi ag ionnsachadh air a bhlàr a-muigh ‘s na cothroman agus dùbhlain a tha an sàs, làithean a h-òige...
2021-09-30
36 min
Oideas
Oideas
Fàilte gu Oideas, sreath de dh’agallamhan mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Gach pod-chraoladh, bidh Gwen Culbertson a’ bruidhinn ri sàr-eòlaichean àrd-sgoile no bun-sgoile mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr. Tha sinn ag amas air leasachadh proifeasanta do dh’oileanaich teagaisg agus luchd-teagaisg – a’ brosnachadh dhòighean smaoineachaidh ùra, a’ togail cheistean agus a’ co-roinn fiosrachadh eadar tidsearan Gàidhlig a tha tric a’ dèiligeadh ris na h-aon dùbhlain nan obair làitheil. Ach, do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann am Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig, ‘s e deagh chothrom...
2021-09-28
02 min